Màrtainn Mac an t-Saoir

Contact Info


Please contact Màrtainn through Playwrights' Studio

Playwrights' Studio

Former Gaelic Mentored Playwright

Màrtainn Mac an t-Saoir / Martin MacIntyre


Ùghdar, bàrd is sgeulaiche a tha air a bhith ri a chiùird fad deannan bhliadhnachan a-nist. Ann an 2003 bhuannaich Ath-Aithne, cruinneachadh de sgeulachdan goirid, Duais na Saltire airson Ciad Leabhair is chaidh an dà nobhail a lean sin, Gymnippers Diciadain agus An Latha As Fhaide a chur air a' gheàrr-liosta airson Leabhar na Bliadhna. Nochd cuid dhe a dhàin ann an Dannsam Led Fhaileas ann an 2006, agus ann an 2007 aig Mòd Lochabair chaidh Crùn na Bàrdachd a bhuileachadh air. Bho 2010, tha Màrtainn air a bhith na 'Shore Poet'. Chaidh a threas nobhail Air A Thòir fhoillseachadh ann an 2011. Ghlèidh a chiad nobhail do dh'òigridh A' Challaig seo Challò! Duais Dhòmhnaill Meek 2013. Thèid cruinneachadh ùr de a sgeulachdan goirid Cala Bendita 's a Bheannachdan a chur air bhog aig Fèis Leabhraichean Dhùn Èidinn san Lùnastal 2014.

San Òg-mhios 2013, an dèidh grùnnd bhliadhnachan gun dràma a dhèanamh, ghabh Màrtainn pàirt ann an dealbh-cluich goirid Hallaig a sgrìobh Iain Fionnlagh MacLeòid. San Fhaoilleach 2014 chunnacas a' chiad dealbh-cluiche profeiseanta bhuaithe fhèin Beul na h-Uaghach mar phàirt dhen phròiseact Ùrlar aig Playwrights' Studio, Scotland.



An acclaimed author, bàrd and storyteller, Martin has been working across these genres for a number of years now. In 2003 Ath-Aithne - a collection of short stories - won the Saltire Award for First Book and his two subsequent novels Gymnippers Diciadain and An Latha As Fhaide achieved short-list placings for their Book of The Year Award. His early poetry was published in Let Me Dance With Your Shadow in 2006, and in 2007, at The Lochaber National Mòd, Martin was crowned 'Bard' by An Comunn Gàidhealach. Since 2010, he has been an Edinburgh 'Shore Poet'. His third novel Air A Thòir was published in 2011. Martin's first young persons' novel A' Challaig seo Challò! won Duais Dhòmhnaill Meek 2013. His second collection of short stories, Cala Bendita 's a Bheannachdan will be launched at The Edinburgh International Book Festival in August 2014.

In June 2013, after a considerable gap from live drama, Martin acted in the short play Hallaig written by Iain Finlay MacLeod. In January 2014 his own first professional short play, The Mouth of The Grave, was performed as part of the Ùrlar project driven by Playwrights' Studio, Scotland.

 

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter