Gaelic Mentoring 2015

Ceistean Bitheanta

Tha mi air tagradh airson na Duais Dhràmadaichean Ùra a-cheana ach cha deach mo thaghadh, a bheil seo a' ciallachadh nach eil an sgrìobhadh agam freagarrach dhuibh?

Is e buidheann leasachaidh do dhràmadaichean a th' anns an Stiuidio Dhràmadaichean, agus mar sin chan eil sinn a' coimhead airson stoidhle shònraichte dealbh-chluich no seòrsa sgrìobhaidh àraid. Tha sinn a' cur fàilte air nas urrainn dhuinn de dhiofar bheachdan, sgeulachdan agus ghuthan.

Tha taghadh ga dhèanamh le bhith a' beachdachadh air diofar shlatan-tomhais, chan e dìreach do sgrìobhadh. Is iad sin:

  • tùsalachd agus comas do bheachd agus do ghuth 
  • do dhealas a thaobh leasachadh air do sgilean sgrìobhaidh dràma agus d' eòlas 
  • do chomas air gabhail ri fios-air-ais mud obair, obrachadh air an fhiosrachadh sin, agus obrachadh gu neo-eisimeileach air pròiseact fad bliadhna 
  • mar a chuireas Duais Dhràmadaichean Ùra ri leasachadh air do sgrìobhadh agus air do dhreuchd-beatha.

Tha e cudromach gum faigh na Dràmadaichean Ùra an t-eòlas as fheàrr bhon Phrògram, agus mar sin innis dhuinn nas urrainn dhut mud eòlas sgrìobhaidh agus mar a bhios buaidh aig a' chothrom seo gu h-àraid air do chleachdadh.

Ma tha thu air tagradh a-cheana agus a' faireachdainn fhathast gur e cothrom a th' ann an Duais Dhràmadaichean Ùra bho am faigheadh tu buannachd, feuch gun cuir tagradh eile a-steach, ag innse dhuinn mar a tha do sgrìobhadh agus do dhreuchd-beatha ag adhartachadh.

Mura tèid mo thaghadh, an toir sibh dhomh fios-air-ais mum obair?

Dìreach mar gu h-àrd, tha taghadh ga dhèanamh le bhith a' beachdachadh air na diofar shlatan-tomhais, chan e dìreach do sgrìobhadh. Air sgàth seo, agus an àireamh de thagraidhean a tha a' tighinn thugainn gach bliadhna, chan eil sinn comasach air fios-air-ais sònraichte a sholarachadh air do sgrìobhadh no do thagradh.

Tha sinn a' solarachadh chothroman gu fios-air-ais fhaighinn air an obair agad tron bhliadhna, a' gabhail a-steach Seirbheis Leughaidh Sgriobtaichean Nàiseanta agus lannan-leughaidh sgriobt an-dràsta 's

a-rithist mar phàirt de ar Prògram Bhùithtean-obrach Poblach. Feuch gu bheil thu clàraichte airson

e-naidheachdan fhaighinn bhuainn agus gheibh thu fiosrachadh mu lannan-leughaidh sgriobt agus cothroman sam bith eile airson fios-air-ais.

Dè tha sibh a' ciallachadh le 'buileachadh proifeiseanta'?

Tha seo a' ciallachadh gu bheil am buidheann a bhuilich an dealbh-chluich agad le bun-reachd laghail; gun robh cùnnradh Caidreachas Theatar/Comann Dhràmadaichean Alba na àite agus gun d' fhuair thu maoineachadh poblach, coimisean no pàigheadh airson do chuid obrach.

Tha e glè choltach gu bheil thu fhathast airidh ma tha thu air d' obair fhèin a thoirt gu buil, air coimisean 'sìol' fhaotainn no air a bhith ag obair ann an co-theacs foghlaim. Feuch gun cuir thu fios gu info@playwrightsstudio.org.uk ma tha teagamh sam bith agad mu dheidhinn seo.

An urrainn dhomh tagradh airson a' phrògram Comhairleachaidh agus airson na Duais Dhràmadaichean Ùra aig an aon àm?

Tha comhairleachadh airson sgrìobhadairean dràma a tha a' tighinn am bàrr agus aig nach robh ach glè bheag, ma bha idir, de dh'eòlas air sgrìobhadh dràma ach a tha dealasach a thaobh leasachadh an ciùird.

Bidh tagraichean airson Duaisean Dhràmadaichean Ùra nan sgrìobhadairean dràma a tha tràth nan dreuchd, le beagan eòlais air leasachadh an cuid obrach ann an suidheachadh bùth-obraich, tro leughaidhean, ruith-thairis no ag obair còmhla ri feadhainn eile gus feabhas a thoirt air an sgilean. Ged a dh'fhaodadh gum bi thu airidh air roghainn airson na dhà, feuch gum meòraich thu gu cùramach air a' chothrom as fheàrr a fhreagras d' fheumalachdan leasachaidh proifeiseanta aig an fhìor àm seo.

Ged a tha e comasach a bhith freagarrach do na dhà, feuch gum meòraich thu gu cùramach air a' chothrom as fheàrr a fhreagras d' fheumalachdan leasachaidh proifeiseanta aig an fhìor àm seo. Tha sinn ag iarraidh ort diofar nithean a thaisbeanadh an taobh a-staich a' phròiseis tagraidh agus mar sin tha e glè chudromach nach bi dùblachadh air na tagraidhean agad don dà sgeama.Gu mì-fhortanach, chan urrainnear gabhail riutha sin.  

Ciamar a bhithear a' taghadh comhairliche dhomh?

Bidh sinn a' còmhradh riut mun roghainn seo aig toiseach a' phrògraim. Is e sgrìobhadair dràma proifeiseanta le eòlas a bhios nad chomhairliche, agus stèidhichte ann an Alba. 


Gaelic Books Council 

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter