Gaelic NPA

Modh Tagraidh

Applications are currently closed


Tha Duaisean ÙraSgrìobhadairean Dràma na chothrombrosnachail dochòignear sgrìobhadairean dràma a tha tràth nan dreuchd, a' fuireach ann an Alba, le fìor dhealas sgrìobhaidh airson theatar.

Thathar air leth toilichte gum bi Comhairle nan Leabhraicheana' leantainn le cur taic ri aon de na Duaisean airson sgrìobhadair dràma Gàidhlig ùr. Bidh aire shònraichte ga thoirt cuideachd do sgrìobhadairean dràma a' sgrìobhadh ann an Albais ach chan urrainnear duais a bharantachadh.

Bidh Stiuidio Dhràmadaichean Alba ag obrachadh le còignear sgrìobhadairean ùra, mar sin a' toirt ùine, àite, sùbailteachd agus taic ionmhasail dhaibh gus an cuid obrach a leasachadh agus cuideachadh le adhartachadh an dreuchdan-beatha tro bhith a' cuimseachadh air sgriobt shònraichte.

Gheibh gach sgrìobhadair drama a thaghar:

  • Bursaraidh airgid £2,000.
  • Trì seiseanan comhairleachaidh thairis air bliadhna, le dràmaire proifeiseanta gan cuideachadh gus an cuid obrach a ghluasad air adhart.
  • Seachdain còmhnaidheachd aig Pàirce Cobh no àite de a leithid (a' gabhail a-steach cosgaisean siubhail agus cuibhreann làitheil ach cha bhi tuarastal a bharrachd ann).
  • Latha de leasachadh sgriobt agus leughadh clàir còmhla ri Sgrìobhadairean Dràma Ùra eile, stiùiriche proifeiseanta agus actairean.

Gheibh na dràmadaichean a thèid a thaghadh cuireadh gu bhith an làthair aig tachartasan theatar no aig bùithtean-obrach còmhla ri Dràmadaichean Ùra eile, Dràmadaichean Comhairlichte agus Co-phàirtichean Dràma bho Stiuidio Dhràmadaichean Alba.
 

A bheil mi airidh air roghainn?

  • Is e sgrìobhadair dràma tràth nad dhreuchd a th' annad, aig a bheil beagan eòlas air leasachadh sgriobt (m.e. bùth-obrach no leughadh aithrisichte air dealbh-chluich no ag obair le feadhainn eile gus na sgilean agad a leasachadh. 'S dòcha gun deach d' obair a thaisbeanadh m.e. A Play, a Pie and a Pint;
  • Tha thu stèidhichte ann an Alba;
  • Is urrainn dhut fìor dhealas a thaobh sgrìobhadh dràma a thaisbeanadh san tagradh agad; 
  • Chan e oileanach a th' annad ann am foghlam foirmeil làn-ùine (m.e., 16 uairean a thìde no barrachd gach seachdain) aig toiseach Prògram Duaisean Dhràmadaichean Ùra / Duais Dhràmadaichean Gàidhlig Ùra. Thèid beachdachadh air tagraidhean bho dhaoine fa leth a tha ag obair aig ìre phroifeiseanta an taobh a-staigh roinn nan ealan is film, a' gabhail cùrsa ionnsachaidh pàirt-ùine. Ach bidh seo an urra ri mar a tha e co-cheangailte ris a' chùrsa agaibh.
     

Ciamar a tha am pròiseas taghaidh ag obrachadh a thaobh Duaisean Dhràmadaichean Ùra?

Tha àireamh chuibhrichte de dh'àiteachan rim faotainn gach bliadhna agus bidh sinn a' faighinn mòran a bharrachd thagraidhean an as urrainn dhuinn a ghabhail. Ann a bhith a' dèanamh taghadh, bidh am pannal a' beachdachadh air:

  • tùsalachd agus comas do bheachd agus do ghuth
  • do dhealas a thaobh leasachadh air do sgilean sgrìobhaidh dràma agus d' eòlas 
  • do chomas air gabhail ri fios-air-ais mud obair, obrachadh air an fhiosrachadh sin, agus obrachadh gu neo-eisimeileach air pròiseact fad bliadhna 
  • mar a chuireas Duais Dhràmadaichean Ùra ri leasachadh air do sgrìobhadh agus air do dhreuchd-beatha.

Ciamar a nì mi tagradh?

Thathar a' gabhail tagraidhean tro Submittable. Ma tha trioblaidean sam bith agad a' cleachdadh Submittable, leig fios dhuinn air 0141 332 4403 no aig info@playwrightsstudio.co.uk. No, mas math leat an tagradh a chur tron phost, cuir e gu: Duaisean Dhràmadaichean Alba, Stiùidio Dhràmadaichean Alba, CCA, 350 Sràid Sauchiehall, Glaschu, G2 3JD. Ma tha thu a' cuir do thagradh tron phost, feumaidh tu an foirm airson Sgrùdadh Co-ionannachd a chuir na chois.

Submittable

Iarraidh Submittable ort cunntas a chruthachadh (no cleachd cunntas a th' agad mar-thà). Airson cunntas a chruthachadh, feumaidh tu d' ainm agus seòladh post-dealain a thoirt seachad agus facal-fàire a thaghadh.

Feumaidh tu am fiosrachadh seo a thoirt seachad:

  • Ainm, Seòladh agus àireamh fòn-làimhe.
  • Aithisg ag innse mar a bhios an Duais seo na buannachd don adhartas agad mar sgrìobhaiche dràma. Feuch gun innis thu dhuinn mu leasachadh sgriobt sam bith san robh thu com-pàirteach agus mar a tha seo air diofar a dhèanamh air an dòigh sa bheil thu a' smaoineachadh mu do sgrìobhadh. Cha bu chòir dhan seo a bhith na b'fhaide na 1,500 facal.
  • Feuch gun innis thu am b' fheàrr leat sgrìobhadh ann am Beurla, Gàidhlig no Albais
  • Innis dhuinn ma tha thu airson an E-naidheachd aig Stiùidio Dhràmadaichean fhaighinn

Feumaidh tu na faidhlichean seo a chuir na chois (ann am pdf no Word):

  • iomradh air beachd airson sgriobt air am bu mhath leat cuimseachadh.
  • dà dhiofar shampall 10-duilleagan den sgrìobhadh agad (deilbh-chluich a-mhàin.
  • eachdraidh-beatha (CV) a' toirt fiosrachadh mionaideach air an eòlas agad gu ruige seo.

     submit


Sgrùdadh Co-ionannachd

An uairsin thèid iarraidh ort beagan a bharrachd fiosrachadh  a thoirt ma do dheidhinn fhèin. Tha am fiosrachadh seo gun urra agus airson sgrùdadh co-ionannachd a-mhàin.  Thèid am fiosrachadh seo a chumail air leth bhon tagradh agad.

Nuair a tha thu air na ceistean uile a chriochnachadh, gliog air am putan deireannach Submit. Bu chòir dhut an uairsin post-dealain fhaighinn a' dearbhadh dhut gun do dh'fhalbh an tagradh agad.

Applications are now closed and will reopen in early summer 2017

Gaelic Books Council

Follow Playwrights’ Studio, Scotland on: Facebook Twitter