Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig
Applications Open
Applications Open
Playwrights' Studio, Scotland in partnership with Comhairle nan Leabhraichean
Ceann-latha airson tagraidhean: 1f, Diluain 15 Sultain 2025.
Mu dheidhinn
Tha Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig na chothrom do dhràmaire stèidhichte ann an Alba a bhith a’ faighinn taic phrataigeach agus ionmhasail gus ciad dreachd de dealbh-chluich ùr a chruthachadh sa Gàidhlig.
Is e amas a’ bhursaraidh a bhith a’ cruthachadh àite do dhràmairean a bhios a’ sgrìobhadh sa Ghàidhlig a bhith ag obair le neart air ciad dreachd de phìos obrach ùr. Bheir e cothrom dhaibh rudeigin ùr fheuchainn agus ùine a chosg air beachd-smuain air nach biodh cothrom aca a dhèanamh às aonais a’ bhursaraidh.
Fosgailte do dhràmairean proifeiseanta a tha tràth sna dreuchdan aca, tha am bursaraidh a’ tabhann taic a thaobh airgead, àite, seiseanan sgrùdaidh, leasachadh agus coimhearsnachd thar bliadhna gus do chuideachadh le bhith a’ cruthachadh an ath dhealbh-chluich agad.
Na tha na lùib
Tha am Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig a’ tabhann:
Airgead
£4,100 (Tha seo co-ionann ri pàigheadh cùmhnaint fo aonta SSP/FST airson ciad dreachd).
Àite
Fois-sgrìobhaidh fad seachdain aig Cove Park no ionad coltach ris, gus ùine a thoirt dhut a bhith ag obair air an sgriobt. Pàighidh sinn cosgaisean siubhail agus bidh pàigheadh làitheil ann airson biadh.
Cothrom Seòmar Sgrìobhaidh Tom MhicRàith san CCA a chleachdadh rè àm a’ Bhursaraidh seo.
Seiseanan sgrùdaidh
Tha na seiseanan sgrùdaidh nan seiseanan buidhne a tha rim faighinn dhut mar dhràmaire a tha a’ faighinn taic bho Stiùidio nan Dràmairean. Tha iad air an dealbhadh gus cur ris na sgilean agus eòlas agad air gnìomhachas an tèatair, a’ toirt dhut cothrom ceistean a chur agus a bhith a’ smaoineachadh mu na taobhan eile de bhith nad dhràmaire nach eil daonnan a’ gabhail a-steach sgrìobhadh fhèin.
Leasachadh
Gheibh thu cothrom air trì seiseanan dà uair a thìde le Dràmaire Co-phàirteach no proifeiseantach tèatair bhon taobh a-muigh. Bidh an taic air a dealbhadh a rèir na tha thu fhèin ag iarraidh gus an sgriobt agad a leasachadh.
Gheibh thu bùth-obrach aon-latha airson an sgriobt agad a leasachadh le stiùiriche agus cleasaichean proifeiseanta.
Coimhearsnachd
Cruthaichidh Stiùidio nan Dràmairean cothroman dhut ceanglaichean a dhèanamh le do cho-leithid sa ghnìomhachas. Tha seo a’ gabhail a-steach turas buidhne dhan taigh-chluich, cuiridheaan a choinneachadh ri proifeiseantaich eile ann an tèatar na h-Alba agus tachartasan sòisealta le dràmairean eile.
Prìomh chinn-là
Faodaidh tu làithean a shònrachadh airson ann seiseanan taic dràma-eòlais agad a fhreagras ris a’ chlàr-ama agad agus a rèir adhartas na h-obrach agad. Tha sinn ag iarraidh air sgrìobhadairean gun a bhith a’ cur tagradh thugainn mura h-eil iad am beachd gun cuir iad crìoch air a’ bhursaraidh ro 31 Màrt 2027. Bidh seiseanan sgrùdaidh ann mu aon turas gach mìos.
Cò dh’fhaodas tagradh a dhèanamh
Airson cur a-steach airson Bursaraidh Leasachadh Dealbh-chluich Gàidhlig, bu chòir dhut a bhith nad dhràmaire aig ìre thràth san dreuchd agad no nad sgrìobhadair proifeiseanta stèidhichte ann an gnè-sgrìobhaidh sam bith eile.
Mas e sgrìobhadair dhealbhan-cluiche a th’ annad, bu chòir eòlas gu ìre air choreigin a bhith agad air obair mar sgrìobhadair san t-seòmar – a’ leasachadh do chuid obrach ann am bùth-obrach, tro ruith-thairisean is leughaidhean, no ag obair le daoine eile airson do sgilean a leasachadh.
Ma tha thu mar as trice ag obair ann an cruth eile, bu chòir dhut dearbhadh gu bheil ùidh agad ann a bhith a’ sgrìobhadh airson thaisbeanaidhean beò – mar eisimpleir, a bhith a’ labhairt do chuid bhàrdachd, a bhith a’ sgrìobhadh airson oidhche “sgraids”, no a bhith a’ frithealadh bhùithtean-obrach air sgrìobhadh dràma.
Tha an cothrom seo airson luchd-ealain a bhrosnachadh a tha a’ cruthachadh obair ùr sa Ghàidhlig. Mas e dràmaire proifeiseanta a th’ annad a bhios a’ sgrìobhadh sa Bheurla agus tha thu airson tionndadh dhan Ghàidhlig, feumaidh tu dearbhadh gu bheil na sgilean cànain agad, a’ labhairt agus a’ sgrìobhadh, aig ìre a bhiodh a’ ceadachadh gun dèanadh tu obair tron Ghàidhlig san t-seòmar ruith-thairis.
Bu chòir dà phìos obrach sgrìobhte airson an àrd-ùrlair as urrainn dhuibh sealltainn dhuinn, gach fear dhiubh co-dhiù còig duilleag deug a dh’fhaide. Faodaidh sgrìobhadairean stèidhichte ann an cruthan/gnèithean eile aon phìos airson an àrd-ùrlair agus aon phìos eile a chur thugainn.
Bu chòir dhut cuideachd a bhith:
A’ fuireach ann an Alba.
An duil gun cuir thu crìoch air Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig ro 31 Màrt 2027.
Gu mì-fhortanach, chan urrainn dhuinn gabhail ri tagraidhean bho dhràmairean a tha:
Ann am foghlam làn-ùine (i.e. 16 uairean san t-seachdain no barrachd). Ma tha thu ann am foghlam pàirt-ùine, cuir fios thugainn airson bruidhinn mu na roghainnean agad.
Air taic dhìreach fhaighinn bho Stiùidio nan Dràmairean sna 18 mìosan a dh’fhalbh (chan eil seo a’ gabhail a-steach a bhith a’ tighinn gu bùithtean-obrach no buidhnean eile a bhios sinn a’ ruith).
Ma tha teagamhan sam bith agad am faod thu cur a-steach, cuir fios thugainn aig info@playwrightsstudio.co.uk.
Ruigsinneachd agus Co-ionannachd
Faic an aithris shlàn againn air ruigsinneachd agus co-ionannachd.
Aithisg aig deireadh a’ phròiseict
Nuair a bhios tu air crìoch a chur air a’ bhursaraidh, thèid iarraidh ort measadh goirid a lìonadh agus bidh seisean agad le ar Stiùiriche Cruthachail agus ar n-Àrd-Riochdaire.
A’ dèanamh tagradh
Chaidh am pròiseas tagraidh a dhealbhadh airson a bhith goirid. Tha a’ mhòr-chuid den tagradh na shreath de dh’aithrisean goirid ag innse dhuinn mu do dheidhinn agus mun eòlas agad air a bhith nad sgrìobhadair ann an suidheachadh leasachadh sgriobt, mu na tha thu airson a choileanadh tron prògram, agus mun dealbh-chluich a bu mhath leat sgrìobhadh.
Seo rud no dhà a dh’fhaodadh tu smaoineachadh mu dheidhinn mus tèid thu air adhart leis an tagradh agad:
·Ma tha thu air a dhol tro phròiseas coltach ri seo bho chionn goirid airson dealbh-chluich a leasachadh, tha teans nach faigh thu prìomhachas san taghadh. Dh’fhaodadh seo a bhith a’ bualadh ort nan robh thu a’ toirt a-mach ceum màighstireachd no a leithid far an d’ fhuair thu taic airson dealbh-chluich shlàn a sgrìobhadh.
Bheir an t-eòlaiche dràma agad taic dhut bhon chiad bheachd-smuain troimhe dhan chiad dreachd de dhealbh-chluich shlàn. Air sgàth seo, cha bu chòir dhut cur a-steach ma tha am beachd-smuain a tha fa-near dhut sgrìobhte mar-thà.
Mar phàirt den tagradh agad, tha sinn ag iarraidh gun luchd thu suas dà eisimpleir 15-duilleag den sgrìobhadh agad. Bu chòir dha na h-eisimpleirean seo a bhith bho dhealbhan-chluich a-mhàin agus bho dhà dhealbh-chluich eadar-dhealaichte, agus co-dhiù aon dhiubh a bhith sa Ghàidhlig. Bu chòir do sgrìobhadairean ann an cruthan/gnèithean eile aon phìos bho dhealbh-chluich agus aon eisimpleir eile a luchdadh suas.
Cuir an tagradh agad thugainn a’ cleachdadh Foirm-tagraidh Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich. Faodaidh tu tagradh a chur a-steach ann an sgrìobhadh no mar bhidio.
Mura h-eil e comasach dhut tagradh a chur a-steach air-loidhne agus nam b’ fheàrr leat foirm-tagraidh fhaighinn ann an cruth eile, no ma tha ceistean sam bith agad mun phròiseas, cuir fios gu info@playwrightsstudio.co.uk
Ceann-là airson thagraidhean: 1f, Diluain 15 Sultain 2025.
Dè thachras an uair sin?
Gheibh thu post-d bho JotForm a’ dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad. Thèid fios a chur gu tagraichean mun cho-dhùnadh air an tagradh aca ro 9 Dàmhair 2025.
Ceistean?
Dh’fhaodadh freagairt dhan cheist agad a bhith air an duilleig Ceistean Cumanta. Mura faigh thu freagairt bhon duilleig seo, cuir fios gu info@playwrightsstudio.co.uk agus bidh sinn toilichte cuideachadh.