Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig

Applications are currently closed

Applications are currently closed

Playwrights' Studio, Scotland in partnership with Comhairle nan Leabhraichean 


 

Ceann-latha airson tagraidhean: 4f, Dihaoine 10 Samhain 2023. 

Tha Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig na chothrom bhrosnachail airson sgriobhaiche stèidhichte ann an Alba a bhith a’ faighinn taic phrataigeach agus ionmhasail gus dealbh-chluich ùr a chruthachadh sa Ghàidhlig.

’S e amas a’ bhursaraidh a bhith a’ cruthachadh àite do sgrìobhadairean a bhith a’ obair le neart air pìos obrach ùr airson an àrd-ùrlair suas ris a’ chiad dreachd. Seo cothrom a bhith a' dèanamh rudeigin a-mach às an àbhaist agus a bhith a’ coimhead air beachd-smaoin is dòcha nach biodh cothrom aca a dhèanamh mur a b’ e am bursaraidh seo.

Bidh gach bursaraidh a’ tabhann taic a thaobh airgead, àite, sgilean, seiseanan sgrùdaidh, leasachadh, agus coimhearsnachd thar bliadhna gus do chuideachadh le bhith a’ cruthachadh an ath (no a’ chiad) dhealbh-chluich agad.

Cuirear fàilte air tagraidhean bho dhràmairean, sgrìobhadairean ficsean, bàird no sgrìobhadairean òran a bhios a’ sgrìobhadh ann an Gàidhlig, a tha airson obair ùr a dhèanamh stèidhichte air sgriobt airson an àrd-ùrlair. Do dhaoine nach eil nan dràmairean, bhiodh e na chuideachadh nam biodh tomhas de dh’eòlas aca air riochdachadh no leasachadh tèatar gus am faigh iad an luach as motha às an Duais seo. Feumaidh dealas a bhith agad airson a bhith a’ sgrìobhadh dràma dhan àrd-ùrlar.

Na tha na lùib


Airgead
£3,634 (Tha seo co-ionann ris a’ phàigeadh cùmhnaint aig FST/SSP airson ciad dreach).

Àite
Fois-sgrìobhaidh fad seachdain aig Cove Park no ionad coltach ris, gus ùine a thoirt dhut a bhith ag obair air an sgriobt. Pàighidh sinn cosgaisean siubhail agus bidh pàigheadh làitheil ann airson biadh.

Cothrom deasg a chleachdadh ann an Seòmar Sgrìobhaidh Tom MhicRàith san CCA rè àm a’ Bhursaraidh seo.

Seiseanan sgrùdaidh
Tha na seiseanan sgrùdaidh nan seiseanan buidhne a tha rim faighinn dhut mar dhràmaire a tha a’ faighinn taic bho Stiùidio nan Dràmairean. Tha iad air an dealbhadh gus cur ris na sgilean agus eòlas agad air gnìomhachas an tèatair, a’ toirt dhut cothrom ceistean a chur agus a bhith a’ smaoineachadh mu na taobhan eile de bhith nad dhràmaire nach eil daonnan a’ gabhail a-steach a bhith a’ sgrìobhadh.

Leasachadh
Gheibh thu cothrom air trì seiseanan dà uair a thìde le Dràmaire Co-phàirteach no proifeasantach tèatair bhon taobh a-muigh. Bidh taic air a dhealbh a rèir far a bheil thu den bheachd gu bheil taic a dhìth ort gus do sgrìobt a leasachadh.

Bidh cothrom agad cuideachd air bùth-obrach leasachaidh sgriobt, a mhaireas latha, le stiùiriche agus cleasaichean proifeiseanta.

Coimhearsnachd
Cruthaichidh Stiùidio nan Dràmairean cothroman dhut ceanglaichean a dhèanamh le do cho-leithid sa ghnìomhachas. Tha seo a’ gabhail a-steach turas buidhne dhan taigh-chluich, cuiridhean a choinneachadh ri prìomh chleachdaichean ann an tèatar na h-Alba agus tachartasan sòisealta le dràmairean eile.

Prìomh Chinn-latha


Faodaidh tu làithean a shònrachadh airson nan seiseanan taic dràma-eòlais agad a tha freagarrach air a’ chlàr-ama agad. Tha sinn ag iarraidh air sgrìobhadairean gun a bhith a’ cur tagradh thugainn mura h-eil iad misneachail gun cuir iad crìoch air a’ bhursaraidh taobh a-staigh aon bhliadhna. Bidh seiseanan sgrùdaidh ann mu aon turas gach mìos.

Ion-ròghnachd


Airson cur a-steach airson Bursaraidh Leasachaidh Deach-chluich Gàidhlig, bu chòir dhut a bhith nad sgrìobhadair aig ìre thràth san dreuchd agad no nad sgrìobhadair proifeasanta stèidhichte ann an gnè-sgrìobhaidh sam bith eile.

Mas e sgrìobhadair dhealbhan-cluiche a th’ annad, bu chòir eòlas gu ìre air choreigin a bhith agad air obair mar sgrìobhadair san t-seòmar – mar a bhith a’ gabhail pàirt ann am buidheann sgrìobhaidh, a’ leasachadh obair ann an àrainneachd bùth-obrach, no a bhith a’ co-roinn na h-obrach agad (fiù ’s gu h-aithghearr!) air beulaibh luchd-èisteachd.

Ma tha thu mar as trice ag obair ann an cruth eile, bu chòir dhut dearbhadh gu bheil ùidh agad ann a bhith a’ sgrìobhadh airson thaisbeanaidhean beò: mar a bhith a’ labhairt do chuid bàrdachd, a bhith a’ sgrìobhadh airson oidhche “sgraids”, no a bhith a’ frithealadh bhùithtean-obrach air sgrìobhadh dràma.

Tha an cothrom seo airson luchd-ealain a bhrosnachadh a tha a’ cruthachadh obair sa Ghàidhlig. Mas e sgrìobhaiche proifeiseanta a th’ annad a bhios a sgrìobhadh sa Bheurla agus tha thu airson tionndadh dhan Ghàidhlig, feumaidh tu dearbhadh gu bheil na sgilean cànain agad, a’ labhairt agus a’ sgrìobhadh, aig ìre a bhiodh a’ ceadachadh gun dèanadh tu obair tron Ghàidhlig ann an seòmar ruith-thairis.

Bu chòir dhut a bhith cuideachd:

  • A’ fuireach ann an Alba.  

  • Gun duais Dràmaire Gàidhlig Ùr no Duais Sgrìobhadh Dràma Gàidhlig fhaighinn roimhe.

  • A bhith saor air Diciadain 24 Faoilleach 2024 airson Latha Inntrigidh nan Dràmairean. Mur a bi e comasach dhut a bhith an làthair air an latha sin, leig fios thugainn air info@playwrightstudio.co.uk.

  • An dùil gun urrainn dhut crìoch a chur air a' Bhursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich Gàidhlig airson 31 Màrt 2025.

Chan urrainn dhuinn gabhail ri tagraidhean bho sgrìobadairean a tha:

  • Air taic dhìreach fhaighinn bho Stiùidio nan Dràmairean san 18 mìosan mu dheireadh (chan eil seo a’ gabhail a-steach a bhith an làthair aig bùithean-obrach no buidhnean a chùm sinn)

  • Ann am foghlam làn-ùine foirmeil (i.e. 16 uairean a thìde no barrachd gach seachdain) nuair a thòiseachas am Bursaraidh Leasachaidh Dealbh-chluich. Ma tha thu ann am foghlam pàirt-ùine, cuir fios thugainn gus am bruidhinn sinn air na roghainnean agad.

Ma tha ceist sam bith agad a bheil thu ion-roghnach, cuir fios thugainn aig info@playwrightsstudio.co.uk.

Ruigsinneachd agus Co-ionannachd

Faic an làn aithris againn air ruigsinneachd agus co-ionannachd.

A’ dèanamh tagradh


Chaidh am pròiseas tagraidh a dhealbhadh airson a bhith goirid. Tha a’ mhòr-chuid den tagradh na sreath de dh’aithrisean goirid ag innse dhuinn mu do dheidhinn agus mun eòlas agad mu bhith nad sgrìobhadair ann an suidheachadh leasachadh sgriobt, mu na tha thu airson a choileanadh tron phrògram, agus mun dealbh-chluich a bu mhath leat a sgrìobhadh.

Is urrainn dhut tagradh sgrìobhte no tagradh bhidio a chur a-steach. Gabhaidh sinn ri tagraidhiean ann an Gàidhlig, Scots, BSL agus Beurla.

Mura tèid agad air am foirm a chur a-steach air-loidhne agus ma tha thu ag iarraidh an fhoirm-tagraidh ann an cruth eile, no ma tha ceist sam bith agad mun phròiseas tagraidh, cuir post-d gu info@playwrightsstudio.co.uk.

Ceann-latha airson tagraidhean: 4f, Dihaoine 10 Samhain 2023.

Dè thachras an uair sin?


Gheibh thu post-d bho JotForm a’ dearbhadh gun d’ fhuair sinn an tagradh agad. Thèid fios a thoirt do thagraichean mun cho-dhùnadh air an tagradh aca air no ro Dihaoine 15 Dùbhlachd 2023.

A bheil ceist sam bith agad?


Leugh na Ceistean Cumanta. Mura deach a’ cheist agad a fhreagairt, cuir fios gu info@playwrightsstudio.co.uk agus bhiomaid toilichte cuideachadh.